Anarchist Federation (Britain) - Aims and Principles - Gaelic translation

Cadthrachas ainn-riaghailteach - amasan agus bun-steidh

1. Tha an cadthrachas ainn-riaghailteach 'na eagrachadh de ainn-riaghailtich strì-seòrsaich airson ar-a-mach. Tha e 'nar amas a chur às do chumhachd oifigeil gu tur, agus mar sin, obair a chruthachadh comunn gun seòrsa air feadh an t-saoghail.

2. 'Sann a'spùilleadh an t-seòrsa-obrach leis an t-seòrsa-riaghlaidh a tha aig bun a'chalpachais. Ach tha neo-ionannachd agus a'spùilleadh a chèile air cur an cèill cuideachd tro chinneadh, ghnè, ghnètheasachd, fhallaineachd, chomas agus aois, agus 'sann anns na dòighean seo a tha aon roinn dhen t-seòrsa-obrach a'sàrachadh nan roinn eile. Bidh seo 'gar sgarradh, ag adhbhrachadh dhith air an t-seòrsa againn air aonachd a bheireas sochair dhan an t-seòrsa-riaghlaidh. Tha buidheannan sàraichte air an neartachadh le gniomh fèin-riaghlaidh a tha a'toirt dubhlain do chairdeasan chumhachd soisialach agus eaconomach. Gus a chomhlìon an amas againn feumaidh sinn trèigsinn a'chumhachd a th'againn os cionn càch a chèile aig ìre pearsanta agus aig ìre poiltigeach cuideachd.

3. Creididh sinn gu bheil a'sabaid an aghaidh ghràin-cinnidh agus ghràin-gnè cho cudthromach ri snuadhan eile dhen strì seòrsaich. Chan urrainnear do chomhlìon communachd ainn-riaghailteach nuair a tha gràin-cinnidh agus gràin-gnè fhathast beò. Air chor 's gum bidh iad èifeachdach ann an strì aca an aghaidh an sàrachadh ann an dà chuid taobh a-staigh comunn agus taobh a-staigh an seòrsa-obrach, faodaidh gum bi feum aig àmannan aig boireannaich, lesbiachan, co-sheòrsaich agus daoine dhubha air eagrachadh neo-eisimealach. Bu chòir seo bhith mar daoine seòrsa-obraich ged-tà, oir ceilidh gluasadan eadar-seòrsaich eadar-dhealachaidhean seòrsaich fìor agus cha chomhlìon iad ach beagan air an son. Chan urrainnear do chomhlìon saorsa gun a'cur às do chalpachas.

4. Tha sinn an aghaidh a'bheachd-smuainealais de ghluasadan shaorsa naiseanta a tha a'cumail a-mach gu bheil ùidh cumanta eadar cinn-tùsanaich agus an seòrsa-obrach an aghaidh cheannsachaidh choimhich. Cuiridh sinn taic ri strìthean seòrsa-obrach an aghaidh ghràin-cinnidh, chasgairt, chasgairt-cinnidh agus tir-imricheachd poilitigeach agus eaconomach. Tha sinn an aghaidh cruthachadh seòrsa-riaghlaidh ùr sam bith. Diùltaidh sinn naiseantachd ann an cruth sam bith a bhios e, air sgàth nach fritheil seo ach a dh'ath-dhealbhachadh roinntean anns an t-seòrsa-obrach eadar-naiseanta. Chan eil dùthaich aig an t-seòrsa-obrach agus feumar cur às do chrìochan naiseanta. Siridh sinn a thogail eadar-naiseantachd ainn-riaghailteach a dh'obair le saorsadhairean airson ar-a-mach air feadh an t-saoghail.

5. Tha calpachas a'spùilleadh agus a'sàrachadh a'mhòrchuid de dhaoine, ach cuideachd tha e a'maoidheadh air an t-saoghal tro chogadh agus an sgrios a tha e a'dèanamh air an àrainneachd.

6. Chan eil e comasach a chur às do chalpachas gun ar-a-mach, a dh'èireas a-mach à comhstrì seòrsach. Feumaidh sinn cur às dhan an t-seòrsa riaghlaidh gu tur a chomhlìon communachd ainn-riaghailteach. Air sgàth nach trèig an seòrsa riaghlaidh cumhachd gun a'cleachdadh neairt armaichte, bidh an t-ar-a-mach seo tìde foirneirt agus saorsa cuideachd.

7. Chan urrainn do aonaidhean, leis an dearbh gnè aca, fàs a bhith 'nan carbadan airson a'chruth-atharrachadh ar-a-machach de choluadair. Feumar iad a bhith gabhail le calpachas air chor's gum bithear ag obair agus mar sin chan urrainnear do chluich pàirt ann an 'ga thilgeadh sìos. Sgarraidh aonaidhean ciùrd an seòrsa-obrach (eadar daoine le cosnadh agus daoine gun obair, ceàird agus malairt, teòma agus mi-teòma, mar sin sir adhart). Tha na aonaidhean buidheann-ghnothaicheach fiù's air co-èigneachadh leis a'ghnè bhunaiteach an aonaidheachd. Feumaidh an t-aonaidh bhith comasach a chumail smachd air a'bhallrachd aige air chor's gun dèan iad cùnnraidhean le riaghladh. An t-amas aca, tro shocrachadh, 'sann ri comhlìon cruth nas cothromaiche de a'dèanamh feum às am feachd-obrach. Bidh na h-amasan aig ceannardan agus riochdairean an còmhnaidh eadar-dhealaichte bhon iad sin a tha againne. Tha an seòrsa-chinn 'nar nàmhaid, agus nuair a dh'fheumas sinn sabaid airson chùmhnaint nas fhearr bhuaithe, feumaidh sinn cuimhneachadh gum faodar leasachaidhean a chomhlìonas sinn an-diugh bhith toirt air ais a-maireach. Feumaidh an t-amas deirinneach againn bhith a chur às do thrailleachd thuarasdail. Chan urrainnear do obair taobh a-staigh na h-aonaidhean seo a chomhlìon. Chan eil sinn a'connsachadh airson daoine a dh'fhàgail na h-aonaidhean ged-tà, gus an dèan iad mar nach buin iad ri daoine as dèidh na tachartais ar-a-machach. Tha an t-aonaidh puing cumanta tòiseachaidh airson tòrr luchd-obrach. Faodaidh tionnsgnaidhean bhon a'bhuin ar neartachadh anns an strì airson communachd ainn-riaghailteach. 'Se an rud as cudthromaiche gun cuir sinn sinn fhìn air dòigh gu co-choitcheann, a'connsachadh airson luchd-obrach smachd a chumail air strìthean iad fhèin.

8. Chan urrainnear do shaorsa fìor tighinn am bàrr ach tron obair ar-a-machach an t-seòrsa-obrach fhèin ann an tomhas farsaing. Cha chiall commun communach ainn-riaghailteach nach bidh e ach co-obrachadh eadar daoine a tha co-ionann, ach cuideachd a bhith an sàs gu h-èasgaidh anns an dealbhachadh agus chruthachadh a'chomuinn sin rè agus as dèidh an t-ar-a-mach. Aig àmannan strì feumaidh daoine cruthachadh eagrachaidhean airson ar-a-mach air an son fhèin le ùghdarras air roinn eadar a h-uile duine a th'annta. Bidh iad eagrachaidhean fèin-riaghlaidh seo taobh a-muigh smachd partaidhean poilitigeach, agus 'nam meadhon ionnsachaidh sinn iomadh leasanan fèin-ghniomhachd.

9. Mar ainn-riaghailtich eagrachaidh sinn anns a h-uile pàirt ar beatha a dh'fheuchainn a chur air adhart an cùrsa ar-a-machach. Creididh sinn gu bheil eagrachadh ainn-riaghailteach làidir riatanach airson ar cuideachadh gus an ceann seo. Eu-coltach ri soisialaich agus communaich neo-brioghoir eile chan iarr sinn cumhachd no smachd airson an eagrachaidh againne. Aithneachaidh sinn nach urrainnear an t-ar-a-mach bhith toirt gu buil ach leis an t-seòrsa-obrach air ball. Feumaidh eagrachaidhean dol ron an t-ar-a-mach ged-tà, a s'urrainn dearbhadh do dhaoine mu dheidhinn an roghainn agus dòigh communach ainn-riaghailteach. Com-pàirtichidh sinne ann an strì mar communaich ainn-riaghailteach, agus eagrachadh air bunait cadthrachasach. Diùltaidh sinn buidheannachd agus mar sin obair airson gluasad aonaichte ainn-riaghailteach airson ar-a-mach.

BM ANARFED, London, WC1N 3XX, England.

Email AF

http://www.afed.org.uk


Back to: AF Gaelic